Teic-fios An Giblean 2006

Cùnntas

‘S e sianar luchd-ciùil agus aon innleadair a th’ annainn. Bheir sinn leinn na maicreafònaichean againn fhìn ach thèid againn air an fheadhainn agaibhse a chleachdadh ma tha sin nas freagarraiche airson gluasad gu luath bho chòmhlan gu còmhlan aig fèisean is m.s.a.a. Cha bhi feum againn ach air na casan airson nam maicreafònaichean agus na bocsaichean DI a th’ air an clàradh gu h-ìosal.

Tha sinn glè mhath air a bhith ag obair a rèir iomadh suidheachadh, agus tha e cudromach gun tèid innse dhuinn mu atharrachaidhean sam bith anns an t-suidheachadh a dh’fhaodadh tachairt gus an tèid againn air an fhuasgladh as fheàrr fhaighinn dhuibh. Cuiribh fios gu Gavin Ramsay (innleadair fuaim) air +44 (0)7803 617932 no cliar@herringbone.org ma tha dad dhen fhiosrachadh seo nach eil buileach follaiseach, no ma tha sibh ag iarraidh beachdachadh air atharrachadh sam bith a dhèanamh.

Mar as trice, bidh an deasachadh-fuaim againn a’ toirt uair an uaireadair ma tha a h-uile rud gu h-ìosal air a chur air dòigh ro làimh.

Feumalachdan PA

Tha ionnsramaidean acustach agus piàna aig a’ chòmhlan, a gheibh togail bho shiostam àrdachadh fuaim aig a bheil fuaim nàdarra. Chan e buileach rock n roll a th’ ann, ach bidh fuaim gu leòr ann agus bu chòir dhan t-siostam a bhith comasach air 110 dB(A) air a char as àirde a thoirt dhan luchd-èisteachd tron talla gu lèir. Bu chòir dhan t-siostam a bhith air a stèidheachadh ron deasachadh-fuaim. Ma tha sibh a’ dol a bhith a’ gabhail PA air màl air ar son, feuch gun cuir sibh fios thugainn tron t-seòladh post-dealain a tha gu h-àrd le fios mun chompanaidh a tha ga thoirt dhuibh air màl.

Faireadairean & Àrd-ùrlar

7 deagh gheinnean air 7 ceangail agus làraich-taobh stereo air àrd-ùrlair anns a bheil nas motha na 10m (30’) de leud a’ dol tro ionnanan grafaiceach le 31 bann (stèidhichte aig an deasc-miosagachaigh anns an talla mura bheil deasg-faireadair air leth ann). Bu chòir dha na geinnean a bhith air an cur air dòigh agus a bhith cinnteach nach eil sgiamhail-fuaim ri chluintinn.

Tha e comasachadh dhuinn, ach bheir e nas fhaide, obair le àireamh nas lugha de mheasgachaidhean. Bu chòir dhan na geinnean a bhith air an àireamhachadh bhon phlàna àrd-ùrlair mar a th’ air a shealltainn gu h-ìosal:

Còig measgachaidhean: ceangail faireadair aon, dhà agus trì (faodaidh iad seo a bhith nam paidhir nam biodh feum air)

1 x bun-dealain 13A 240V (Rìoghachd Aonaichte) airson meur-chlàir aig cùl taobh chlì an àrd-ùrlair, agus airson 1 ghiotàr aig an aghaidh air an taobh dheas dhen àrd-ùrlar.

Tha feum air seachd cathraichean air nach eil gàirdeanan.

Deasg & FOH (Talla) – DEASG DIGITEACH ACH LE AONTA RO LÀIMH

Bu chòir do shìoltachan slighe-àrd agus 4 bann EQ le ‘swept mids’ (no nas fheàrr) a bhith ann an loidhneachan-innleachd na deasg. Bidh feum againn air suas ri 8 peinntealach (4 air a’ char as lugha) agus dà ‘reverb’ (faodaidh iad-san a bhi ann am mono). ‘S dòcha gun toir sinn leinn barrachd pheinntealach ma bhios feum orra. Bu chòir dhan phrìomh fhuaim a dhol tro stereo parametric no grafaic EQ le 31-bann a bhios an innleadair comasach air faighinn thuige fad an t-siubhail. Tha feum air cluicheadair CD aig an deasg-miosagachaidh anns an talla. Ma tha sibh ag iarraidh deasg digiteach a thoirt dhuinn, bidh feum againn air ionnanan grafaiceach air leth airson nam faireadairean ma tha iad air an obrachadh bhon deag-miosgachaidh anns an talla.

Bidh sinn a’ toirt leinn faidhle Studio Manager v2 airson Yamaha PM5D, DM2000, DM1000 – innsibh dhuinn ma tha gin dhe na deasgaichean sin rim faighinn.

Liosta loidhneachan-innleachd:

Àir

Ainm

 

Casan Meic

Notaichean

1

Giotàr

XLR no DI

 

Comp, +48V

2

Feadan

AKG C414

Boom Goirid

+48V

3

Dosan

AKG SE391

Boom Goirid

+48V

4

Clàrsach

AKG C414

Boom Goirid

+48V

5

Meur-chlàir L

DI

 

+48V

6

Meur-chlàir R

DI

 

+48V

7

Guth Art

Neumann KMS-105

Boom Àrd

Comp, +48V

8

Guth Magaidh

Sennheiser e935

Boom Àrd

Comp

9

Guth Màiri Anna(1)

Beyer M88

Boom Àrd

Comp

10

Guth Ros

Sennheiser e935

Boom Àrd

 

11

Guth/fìdeagan Eachann

Sennheiser e935

Boom Àrd

 

12

Guth Màiri Anna (2)

Beyer M88

Boom Àrd

Comp

13

Guth Ingrid

Sennheiser e935

Boom Àrd

Comp

Ros = Ross

1. Giotàr = 1. Guitar

10. Guth = 10. Vox

Cathair = Chair

Eachann – Hector

2. Feadan – 2. Chanter

3. Dosan – 3. Drones

11. Fìdeagan – 11. Whistles

Cathair – Chair

 

Màiri Anna – Mary Ann

4. Clàrsach – 4. Harp

12. Guth – 12. Vox

Cathair – Chair

 

Cathraichean a bharrachd ×3 – Additional chair × 3

 

Piàna – Piano

5 & 6 Meur – 5 & 6 Keys

13. Guth – 13. Voxs

Cathair = Chair

 

Art – Arthur

7. Guth – 7. Vox

 

Magaidh – Maggie

8. Guth – 8. Vox

 

Màiri Anna – Mary Ann

9. Guth – 9. Vox

 

Audience – Luchd-èisteachd

 

[English]

Downloadable Publicity
Materials:

Postair A4 PDF (JPEG)

Còmhlan (dealbh) PDF (JPEG)

Còmhlan Beò (dealbh) PDF (JPEG)

Fiosrachadh Teicnigeach (Gàidhlig) PDF (RTF)