
Tacan Fois
Tha an còmhlan a’ gabhail air an socair treiseag, ach tha sinn fhathast an dòchas tighinn còmhla bho àm gu àm son pròiseacdan is cuirmean sònraichte. ‘San eadar-ama, ma tha thu airson greim fhaighinn air a’ chòmhlan, cuireabh fios gu Watercolour Music – tha am fiosrachadh aig bonn duilleagan an làraich seo.
Naidheachdan Chliar san t-Samhain
Bha na cuirmean ann am Portrìgh agus an Arasaig air an deir-sheachdainn dìreach sgoinneil. Am Portrigh, cha robh Art a’ faireachdainn ach meadhonach le galair na uchd, ach ‘se fior ghaisgeach a th’ann is chaidh aige air cumail a’ dol. Thabhainn cailleach no dhà cuideachadh a thoirt dha leis a’ Vicks, ach chaidh aige air diùltadh! Bha dùil ri dithis luchd-ciùil Eireannach – Astrid agus Liam – air an àrd-ùrlar air an oidhche sin, ach gu mì-fhortanach chaidh dàil a chur orra le tubaist-rathaid air an t-slighe dhan eilean, agus bha sinn an deis meadhon an ‘encore’ nuair a ràinig iad ma dheireadh! Math a rinn sibh a’ dol suas a chluich aig a’ mhionaid ma dheireadh airson crioch a chur air an oidhche. Abair luchd-èisdeachd ann an Arasaig! Tha an crac dìreach cumhachdach! B’fhiach da-rìreabh siubhal air na rathaidean cama a’ ruith nam fiadh air an t-slighe dhachaigh!! A’ coimhead air adhart gu Fàr an ceann seachdainn no dhà, nuair a bhios iad a’ comhtharrachadh Latha Naoimh Anndra air Disathairne an 25mh dhen t-Samhainn. ‘S fheuch a dhol ann airson tè is bèicearachd mìorbhaileach Sheena letheach-slighe!! Abairt na bliadhna bho aon de dh’oigridh an luchd-eisdeachd ann an Arasaig - “Tha Cliar nas fhearr na Busted no Beyoncé!!”

Tha sinn dìreach as deidh na ceud trì cuirmean sa’ Chuairt Fhoghair againn a chriochnachadh:
Thòisich sinn ann an Steòrnabhagh anns an Lanntair ùr. Abair àite breagh, Coves! Luchd-èisdeachd sgoinneil cuideachd. Ceud taing do dh’Alex airson coimhead as ar deidh.

Moch-eirigh air an aiseig, ach chaidh a’ chlann-nighean agus Ros rathad nam bùithean air an t-slighe a Fochabers. Chosinn e fhèin an duais airson a’ cheannach a b’annasaiche – làmhag!
Shaoil na h-igheanan gum biodh iad seòlta ‘s gun seachnadh iad an obair-rathaid uamhasach air an t-slighe le bhi gabhail air na rathaidean-cùil. Abair cuairt! Bu mhath leinn mathanas iarraidh oirbh na b’e do ghàradh no do phàirce-sa a ghabh sinn troimhe – agus cha robh sinn ach deich mionaidean air thoiseach air Art, ‘se ‘leantainn an rathaid mhòir!
Gura math a theid le Calum Stiubhart san Fhaoilleach aig farpais Neach-Ciùil Og na Bliadhna!
Bha Sruighlea cho ma ‘sa bha e riamh. Math coinneachadh ri seann chàirdean agus tachairt ri feadhainn ùra – fad an rathad as Doncaster!
Port Rìgh agus Arasaig an t-seachdainn-sa – chì sinn ann sibh!!
Ballrachd Chliar a’ leasachadh!
Tha ogha ùr aig Magaidh – nighean bheag air a bheil Freya.
Tha nighean ùr aig Ros – Ciorstaidh Anna .
Tha duil aig Ingrid agus Iain MacPhàrlain ri leanabh ur ‘sa Mhàirt. Tha i gu bhi air chuairt le Cliar an uairsin! ‘S fhearr dhuinn pailteas uisge goileach is searadairean a chumail ri laimh!

New York – Còmhdhail Bàrdachd an t-Sluaigh. An Cèitein 2006
‘Se turas mòr a bh’anna seo dhuinn, oir bhon a bha sinn a’ gabhail pàirt ann an Còmhdhail Bàrdachd an t-Sluaigh anna New York, bha againn cuideachd ri seinn aig prìomh-oifisean nan Dùthchannan Aonaichte cuideachd. Àrd-ùrlar gu math ‘cool’ do neach-ciùil sam bith!
Fhad’s a bha sinn ann, bha sinn mar phairt de chuirm mhòr air an robh ‘The Stones of Civilisation’ le bàird is luchd-ciùil eile a tha ‘sgriobhadh ‘s a’ seinn ann an mion-chanain bho air feadh an t-saoghail a tha an cunnart dol a bith. A-bharrachd air Cliar, bha riochdairean ann bho thùsanaich Amerigaidh is Astràilia, Basgaich, Eireannaich, Cuimrich, Maori, agus mion-chànain Afraganach is Innseanach. Chaidh iarraidh oirnn uile clach a thoirt as ar dùthaich fhìn leis an fhacal airson òran no dàn na’r canan fhìn sgriobhte no air a pheantadh air. Chaidh sinne ceum na b’fhaide ge-tà, oir tha sinn eòlach air fear a bha deiseil is deònach (!), agus dh’iarr sinn air Jon Hearach clach a ghearradh dhuinn, leis an fhacal ‘òran’ air aon taobh, agus suaicheantas àlainn ceilteach air an taobh eile.
Tha stiùiriche a’ chòmhdhail – Catriona Nic an Fhleisdeir – am beachd na clachan a thoirt mar thiodhlac do Khoffi Annan, àrd-rùnaire nan Dùthchannan Aonaichte.
An uairsin, thug Art air gach duine a bha lathair ‘Filoro’ a sheinn còmhla rinn. Sgoinneil!
A-measg an fheadhainn eile, chòrd clann nan tùsanach Astràilianach gu sonraichte rinn – agus Dannsa nan Cangarù aca!
Chan eil Donna Choinigean idir dona air an dannsa sin nas motha!
Taing mhòr do Chomhairle Ealain na h-Alba agus Còmhairle Bhreatainn airson an taic a thug iad dhuinn air an turas seo.
Galaraidh
[English] |