‘GRINN GRINN’

Bha fiughair mhòr air an treas CD aig Cliar, fear a tha a cheart cho math ‘s a bhiodh duil ris bhon chòmhlan seo. Taitneach agus adhartach, ach bunaichte gu daingeann ann an dualchas nan Gàidheal. Thuirt an ‘Living Tradition’, “Ann am bliadhna anns an do nochd grunn chlàir Gàidhlig, tha am fear seo air bhàrr chàich… a’ cur gu mòr ri stòras òrain Gàidhlig an lath’ an-diugh.”

Tha bliadhna no dhà air a dhol seachad bhon a nochd an clàr mu dheireadh, ach tha am ballrachd ùr nas sgairteile na bha iad riamh, fhathast comasach air, “do thoirt a neamh gun tighinn ort, mar gum biodh, a dhol dhan taobh eile thu fhèin”, a rèir Rob Adams bhon Herald. Tha Ros Màrtainn air a’ ghiotàr nise làn-stèidhichte mar bhall dhen chòmhlan, agus tha blas às ùr ann cuideachd leis a’ bhall as ùire, Eachann MacEanruig, air a’ phìob ‘s an fhìdeig.

CLAR-CIÙIL

'S i nighean mo ghaoil, an nighean donn òg - 3.55
Gaol nam fear dubh - 3.02
Ho ro mo chuachag - 2.52
Puirt 9/8 - 3.10
Ho mo nighean donn bhòidheach - 2.45
Mo rùn air na maraichean - 4.10
Strathan-sp è idh is Ruidhlichean - 4.29
Iain Ghlinn Cuaich - 5.00
Mhic Iain 'ic Sheumais - 5.25
A nìghneag a ghràidh - 4.14
Puirt a Beul - 3.50
An gille mear/R ì gh Laoise - 5.31
Puirt le Altan - 4.13

CEANNAICH AN CD AIR-LOIDHNE

Gheibhear na faclan air PDF an seo

 

 

‘GUN TÀMH’

Thug ‘The List’ “aon dhe na fuaimean as eireachdaile an Alba san aona linn thar fhichead” air Cliar. Thug iad a-mach an dàrna clàr aca ann an 2002, leis an aon bhallrachd ‘s a nochd air a’ chiad clàr – na seinneadairean Gàidhlig, Art MacCarmaig, Mairi Anna NicUalraig agus Magaidh Dhòmhnallach, Ingrid NicEanruig air piàna is clàrsach, Brus MacGhriogair air an fhidhil agus Chaz Stiubhart air a’ ghiotàr.

San ùine eadar a’ chiad clàr agus ‘Gun Tàmh’, chluich Cliar air feadh Alba, chaidh iad air chuairt a dh’Èirinn agus shoirbhich gu mòr leotha ann an Ceap Bhreatainn, nuair a nochd iad aig an fhèis, Celtic Colours, ann an 2001. Choisinn iad beachdan ann a shin leithid, “lìbhrigeadh cho math ‘s a chunnaic mi fhathast dhen dualchas Albanach àraid seo – chaidh an luchd-èisteachd air an casaibh, is bha iad airidh air”. B’ e an talla a bu mhotha a chluich iad aig an àm seo, Talla Rìoghail Albert ann an Lunnainn, ach tha iad an còmhnaidh toilichte a bhith air chuairt air Ghàidhealtachd ‘s anns na h-Eileanan.

Tha am measgachadh ciùil a’ leantainn eisimpleir a’ chiad chlàir shoirbheachail. Tha buill Chliar air am bogadh ann an ceòl is òrain na Gàidhealtachd agus tha seo follaiseach sa cheòl, co-dhiù tha iad a’ seinn òrain sìmplidh gaoil, obair nam bàrd mòra, no fuinn ùra air an fhidhill, a’ phiàna ‘s a’ chlàrsaich.

CLAR-CIÙIL

Strathan-Sp èidh is Ruidhlichean - 5.22
Dòmhnall an Dùin - 4.36
Nighean Donn a' Chuailein Rìomhaich - 3.42
Puirt Cruinn Ingy - 3.21
An Gille Dubh Ciar Dubh - 2.38
Cailleach an Airgid/Rachainn a shuiridh air Oighrig - 3.15
Ruidhlichean Bhruis - 3.50
A' Chailin Mhaiseach Dhonn - 3.34
Puirt a-beul - 4.31
Am Buachaille Bàn - 4.58
Se ò na Dh ò mhnallach - 3.10
O thoir a nall am Botul - 3.07

CEANNAICH AN CD AIR-LOIDHNE

 

 

‘CLIAR’

A’ chiad clàr aig Cliar bho 2000, cruinneachadh de dh’òrain Ghàidhlig is de cheòl Gàidhealach, sean is ùr. Ballrachd a’ chòmhlain – Art MacCarmaig is Magaidh Dhòmhnallach a’ seinn, Mairi Anna NicUalraig is Ingrid NicEanruig a’ seinn, ‘s a’ cluich piàna is clàrsach, Brus MacGhriogair air an fhidhill agus Chaz Stiubhart air giotàr.

‘S e measgachadh a th’ anns a’ cheòl de stuth a thogadh bhon teaghlach, fuinn ùra air an sgrìobhadh le buill a’ chòmhlain, seann sheudan a chaidh air dìochuimhn’ thuige seo, agus òrain cumanta anns an deach spionnadh ùr a chur.

Chaidh ‘Cliar’ ainmeachadh mar “An Clar a b’ Fheàrr Riamh” aig a’ chiad chuirm de Dhuaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba ann an Dùn Èideann ann an 2003.

CLAR-CIÙIL

Clò Mhic Ille Mhìcheil & Bonaidean Gorma - 3.57
A Fhleasgaich Òig as Ceanalta - 2.25
Seat nan DT - 4.31
Mo Chailin Dìleas Donn - 4.48
Puirt a Beul - 3.47
Dòmhnall nan Dòmhnall - 4.21
A’ Chlann gun Ainm - 4.08
Cumha Coire Cheathaich - 4.04
Bha mo Leannan ann - 3.00
Seat Phara Handy - 5.01
Ghràidh an Tig Thu? - 3.55
Seat a’ Harpie - 4.45
'S Truagh Nach d' Rugadh Dall Mi - 4.53

CEANNAICH AN CD AIR-LOIDHNE

 

 

     
 

LASAIR DHÈ

‘S e th’ ann an Lasair Dhè ach cruinneachadh àraid de cheòl ùr spioradail Gàidhlig le Cliar aig cridhe gnothaich, cuide ri Ceana Chaimbeul, Donaidh Murdo MacLeòid agus còrr is dà cheud seinneadair à còisirean Gàidhlig bho air feadh Alba. Tha sgrìobhadh ùr mar phàirt dheth, le ceòl ùr a’ nochdadh bho Cheana Chaimbeul, Alasdair Codona, Blàr Dùghlas, Mairi Anna NicUalraig, Eilidh NicChoinnich agus Stiùbhart MacRath.

Bhon a chaidh a chruthachadh mar choimisean do dh’Fhèis na Gàidhealtachd ann an 1999, far an do choisinn e duais Chomann Crann na h-Alba, tha Lasair Dhè air buaidh làidir a thoirt air dualchas na Gàidhealtachd. Chaidh na sailm a sheinn gu tric ann an eaglaisean, ach cuideachd air an àrd-ùrlar, air rèidio agus air telebhisean. B’ e clàr maireannach dhen phròiseact a bh’ anns na clàraidhean beò seo à Cathair-Eaglais Ghlaschu agus Talla na Ban-Righinn ann an Dùn-Èideann, gus an leanadh an ceòl air a’ tighinn beò às deidh buaidh a thoirt air saoghal na Gàidhlig.

CLAR-CIÙIL


Na Còisirean Còmhla - Athchuinge - 3.07
Magaidh Dhòmhnallach le na Còisirean Còmhla – Salm 92 - 2.58
Cliar le Guthan nam Ban – Sailm 117/150 - 4.25
Na Còisirean Còmhla - Salm 42:1-3 agus 6-10 - 4.31
Cliar – Sailm 19:1-6, 14 agus 8:3-9 - 4.08
Cliar & Na Còisirean Còmhla - Salm 24 - 6.58
Cliar & Na Còisirean Còmhla - Salm 108 - 5.24
Ceana Chaimbeul - Salm 23 – ‘S e an Tighearna mo Bhuachaille - 2.57
Donaidh Murdo MacLeòid le na Còisirean Còmhla agus an Luchd-eisteachd - Salm 139: 5,6 - 3.25
Cliar - Solus m' Àigh - 4.13
Cliar - Triall Chaluim Chille - 9.21
Na Còisirean Còmhla - Cearcall a' Chuain - 3.19
Coisir Òg Ileach Ghlaschu, Bunsgoil Gàidhlig Ghlaschu agus Cliar - Salm 139:1-9 - 4.20
MacLeòid / NicUalraig / MacGhriogair - Cia Domhainn Gràdh an Athar Dhuinn - 4.49
Na Còisirean Còmhla agus Lyle Ceanadach - Salm 65:1 - 2.39

CEANNAICH AN CD AIR-LOIDHNE

[English]