‘S e glè bheag a chòmhlain air thalamh a tha nan tosgairean cho cumhachdach air eachdraidh an dùthcha – ceudan de bhliadhnaichean de chànan, cultur, òrain, is sgeulachdan. Tha smior eachdraidh Ghàidhlig na h-Alba aig cridhe Chliar – còmhlan de shianar stèidhichte air Ghàidhealtachd ‘s ann an Eileanan na h-Alba – agus co-dhiù tha iad air àrd-ùrlar no air clàr, chan eil ceist ann ach gu bheil iad làn-airidh air an cliù mar chòmhlan cho adhartach ‘s a th’ ann an ceòl traidiseanta na h-Alba.

Duine sam bith air thòir air sàr-eisimpleir de cheòl acustach air Ghàidhealtachd, cha ruigeadh iad a leas a dhol nas fhaide. Tha gach nì slàn aig a’ chòmhlan seo.

[English]