Cliar – An Eachdraidh

Chuireadh Cliar air bhonn ann an 1999 leis na seinneadairean Mairi Anna NicUalraig agus Art MacCarmaig, ach a dh’innse na fìrinne, the freumhan a’ chòmhlain pìos math nas doimhne na sin.

Ann an dùbhlachd geamhraidh gu math robach, ann an 1992, thàinig ceathrar còmhla – Mairi Anna agus Art, Blàr Dùghlas – leis an robh Art air a bhith a’ cluich fad bhliadhnaichean mòra, agus Chaz Stiùbhart – caraid Bhlàir bho chòmhlain leithid an Zydeco Ceilidh Band.

‘S e bha romhpa, cuairt a chur air iar-thuath na Gàidhealtachd agus dha na h-Eileanan – a’ cluich ann an sgoiltean tron latha, ‘s air àrd-ùrlar air an oidhche. Cha robh ainm aca ge-tà, gus an do mhol Seòna, bean Art, an t-ainm ‘Cliar’, a’ leantainn mar a bha iad, siubhal nan seann bhàrd is sgeulaichean Gàidhealach bho linntean a dh’fhalbh. Math dha-rìreabh, ach a-mhàin gur e ’n t-eadar-theangachadh a bh’ aig Art air na sanasan, ‘wandering minstrels’ – ma dh’fhaodte nach b’e siud buileach an t-ìomhaigh air an robhar ag amas.

A dh’aindeoin aiseagan a bhith dheth, òstairean greannach, roghainnean annasach ciùil na cloinne rin sàsachadh – bho Teenage Mutant Ninja Turtles gun treasa salm thar an fhichead – agus fiù ’s aon phàiste an dùil gur iad an còmhlan Runrig (smaoinich!), shoirbhich gu mòr leis a’ chuairt agus dh’aontaich an ceathrar gu lèir gum bu chòir a leithid a dhèanamh a-rithist…….

Chaidh seachd bliadhna seachad……..

…agus, le taic bho Chomhairle nan Ealan, thàinig ceathrar Chliar còmhla as ùr, le dithis eile nan luib – Magaidh, nighean piuthar màthair Mairi Anna, agus am fìdhlear Brus MacGhriogair, a bha ‘n uairsin ag obair aig a’ BhBC còmh’ ri Mairi Anna. Stèidhich e fhèin a-rithist Blazin Fiddles, còmhlan mòr fìdhle na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean. Às deidh an deasachaidh ‘s ruith-thairis, chaidh na ciad chuirmean a chur air dòigh mar phàirt de dh’Fhèis na Gàidhealtachd, ann an Loch Carain, an Ulapul ‘s an Inbhirnis.

Bha fuaim a’ chòmhlain stèidhichte bho thoiseach – an triùir phrìomh-sheinneadair air ceann òrain fa leth, no a’ tighinn còmhla ann an co-sheirm mar gum bitheadh à nèamh. Le taic clàrsaich, meur-chlàir is ghiotair, agus leis an fhidhill mar cheathramh guth cumachdach, bha buaidh làidir aig ceòl Chliar air luchd-eisteachd bhon chiad dol-a-mach.

An ath-shamhradh a-rithist, bha an còmhlan an sàs ann an coimisean mòr do dh’Fhèis na Gàidhealtachd – ‘Lasair Dhè’ – agus b’ ann an uairsin a thàinig Ingrid NicEanruig a-steach dhan bhuidhinn, a chluich clàrsach is piàna. Toiseach-tòiseachaidh gu math eagalach – dìreach a-mach à deuchainnean ceumnachaidh ann an Glaschu agus a-steach a theis-meadhan ‘Lasair Dhè’, pròiseact a’ dèanamh luaidh air ceòl ùr spioradail Gàidhlig anns an robh Cliar agus còisirean bhon Ghàidhealtachd ‘s na h-Eileanan gu lèir an sàs.

Thàinig i beò, slàn às ge-tà, mar a rinn an còmhlan gu leir, is choisinn iad duais Chomann Crann na h-Alba air a shon. Lean iad orra às a sin a stiùidio-clàraidh Watercolour Music airson a’ chiad CD aca a chlàradh. Chaidh an clàr – fo ainm a’ chòmhlain fhein – a chur ma sgaoil ann an 2000 le Macmeanmna, pròiseact eile fo sgèith Art.

Chaidh am meanbh-chlar, ‘Cliar’, a thaghadh bhon uairsin mar an clàr a b’ fheàrr riamh’ aig na ciad Duaisean son Ceòl Traidiseanta na h-Alba ann an 2003.

Chaidh an dàrna clàr – ‘Gun Tàmh’ – fhoillseachadh ann an 2002, agus chaidh clàradh àraid beò de ‘Lasair Dhè’, air a chlàradh ann an Cathair-eaglais Ghlaschu agus an Talla na Banrighinn ann an Dùn Èideann, cuideachd a thoirt a-mach.

Thàinig atharrachadh an uairsin air ballrachd Chliar – oir b’ fheudar do Chaz fàgail air sàillibh tinneas-nan-alt na làmhan, ga fhàgail do-dhèanta dha cluich. Na àite thàinig Ros Màrtainn à Àrasaig. Dh’fhàg Brus MacGhriogair soraidh le Cliar goirid às dèidh seo cuideachd, ach bha dà bhliadhna air leth toilichte aig a’ chòmhlan le bràthair Ingrid, Ailean, air an fhidhill, a’ phiàna ‘s an fhìdeig agus le Gabe McVarish bhon chòmhlan Dàimh a’ tighinn a chluich na fìdhle bho àm gu àm.

Aig a’ cheann thall ge-tà, às dèidh mòran cnuasachaidh, bhuail e le brag air Cliar gum bu chòir coimhead ris a’ phìob ‘s an fhìdeig seach ris an fhidhill, is mar sin ‘s e am ball as ùire dhen chòmhlan Eachann MacEanruig, pìobaire à Port Rìgh san Eilean Sgitheanach, a tha càirdeach do dhàrna leth dhen chòmhlain – an truaghan!

Tha Cliar air siubhal fad’ is farsaing air chuairt – Canada, an Spàinn, Sasainn, Sloibhìnia agus na Stàitean Aonaichte, agus b’e aon dhe na cuairtean bu mhotha air an robh iad thuige seo, turas do sgìrean Gàidhealach Èirinn is Alba le reultan mòra na Gàidhealtachd, Altan.

Leis a’ bhallrachd ùr a-nise stèidhichte, le riochdaire ùr – Donna Choinigean agus Firefly Productions - agus leis a’ chlàr ùr, ‘Grinn Grinn’, tha an còmhlan a’ coimhead air adhart ri caibidil ùr ann am beatha Chliar – agus san t-shoppaigeadh aig Magaidh is Ingrid…….

 

 

Magaidh Dhòmhnallach – Maggie Macdonald

Tha guth àlainn Magaidh Dhòmhnallaich ri aithneachadh cho luath ’s a chluinnear e.

Ged a rugadh i ann an Glaschu, buinnidh i do Chaimbeulaich a’ Ghrìopa san Eilean Sgitheanach – aon dhe na teaghlaichean as ainmeile ‘s as ealanta an Alba a thaobh seinn Gàidhlig traidiseanta. Am measg sgilean Magaidh fhein, tha seinn nam port-a-beul, tàlant Caimbeulach aig a bheil mòr-chliù.

‘S beag an t-ioghnadh ma-thà, gun do dhùisgeadh a h-ùidh ann an ceòl aig aois gu math òg.

“Tha cuimhn’ a’m a bhith aig partaidh, ann an rùm eile bho m’athair ‘s mo mhàthair, agus a-reir choltais bha mi seinn gu sona leam fhìn nuair a thàinig mo mhàthair gam lorg, oir cha chual i riamh mi a’ seinn thuige sin. Bha mi gu math diùid an uairsin,” ars’ ise.

Ged a bha i bitheanta a’ seinn na h-òige, agus mar phairt de Choisir Ìleach Ghlaschu bho aois 17, bha grunn bhliadhnaichean ann mun do thuig i na dh’fhaodadh a bhith an dàn dhi.

Mu dheireadh, thòisich i air seinn le Còisir Ghàidhlig Inbhirnis agus ann 1991, chaidh i còmhla riutha a Mhòd Bhancùbhair ann an Canada . “Thòisich mi air seinn a-rithist le muinntir Inbhirnis, agus b’ e deagh dhòigh a bh’ann air tòiseachadh as ùr, oir bha mi nam fhalach mar phàirt de bhuidheann. “An uairsin chaidh mi a Mhòd Bhancùbhair agus bhuinnig mi an fharpais seo – is thuirt mi rium fhìn, is urrainn dhomh seo a dheanamh ceart gu leòr, seo far am bu chòir dhomh bhith.”

Lean i oirre a’ seinn leatha fhèin, agus ann an 1994, choisinn i Bonn Òr a’ Chomuinn Ghàidhealaich aig a’ Mhòd Nàiseanta.

Tha grunn math dhe na h-òrain aig Cliar air an togail bho stòras prìseil teaghlach Magaidh is Mairi Anna. “Tha sinn fortanach gum faod sinn a bhith ag iarraidh stuth ùr air ar màthraichean agus a’ dèanamh beagan rannsachaidh air eachdraidh nan òran.”

Do Mhagaidh, tha ceòl Chliar a’ riochdachadh bunaitean beatha air Ghàidhealtachd. “Tha an cultur, an eachdraidh agus an cànan a th’ air chùl na tha sinn a’ deanamh cianail fhèin cudromach. Faodaidh òran bualadh air do chridhe is d’ eanchainn ann an dòigh gu math pearsanta. Tha an ceòl san fhuil, agus tha seo follaiseach san dòigh sa bheil sinn a’ seinn nan òran.”

 

 

 

Mairi Anna NicUalraig – Mary Ann Kennedy

Bhon latha rugadh i, b’ e ceòl a bha gu bhith aig cridhe beatha Mairi Anna NicUalraig. “’S e ceòl a’ chiad chuimhne a bh’ agam” ars ise. “Tha cuimhn’ a’m a bhith nam laighe aig an taigh ‘s a ag èisteachd rim mhàthair ‘s a bràthair ‘s a piuthar uile a’ seinn san t-seòmar-aghaidh. Bha seinn na phàirt dhem bheatha riamh.”

Rugadh is thogadh Mairi Anna ann an Glaschu, ann an dachaigh far an robh a’ Ghàidhlig beò – is i nighean an t-seinneadair ainmeil, Ceana Chaimbeul. Thòisich i air a’ phiàna aig aois sia, agus beagan bhliadhnaichean na dheidh sin, nochd cothrom tòiseachadh air a’ chlàrsaich – inneal gu math annasach aig an àm anns an t-saoghal-ciùil traidiseanta.

Tha a saoirsneachd is proifeiseantachd air an àrd-ùrlar gu ìre mar thoradh air a trèanadh chlasaigeach. Chaidh i dhan RSAMD ann an Glaschu, agus a-rithist thug i mach ceum àrd-ìre aig Colaiste Ciùil a’ Chinn a Tuath ann am Manchester , far am b’ i a‘chlàrsach mhòr a fhuair prìomhachas air an àrd-ùrlar, le rannsachadh ga dhèanamh air puirt-a-beul, measgachadh a tha i glè chinnteach air nach tàinig iad tarsaing ron sin. Ach a dh’aindeoin seo, ‘s e an ceòl traidiseanta leis an deach a h-arach as dlùithe dha cridhe.

‘S i aon de bhuidheann gu math crìon a choisinn an dà bhonn òr aig a’ Mhòd Nàiseanta – agus bhuinnig i cuideachd dà thuras Farpais Eadar-naiseanta na Clàrsaich Ceiltich ann an Lorient sa Bhreatainn Bhig. Choisinn i cuideachd duais Chomann Crann na h-Alba airson ‘Lasair Dhè’, pròiseact mòr anns an robh Cliar an sàs a chaidh a chur air dòigh an toiseach son oidhche mhòr dheireannach Fèis na Gàidhealtachd ann an 1999.

A bharrachd air a bhith cluich i fhèin, tha Mairi Anna na meadhan air ceòl is luchd-ciùil eile fhaighinn fa chomhair an t-sluaigh tro h-obair craolaidh. ‘S e aon dhe na prìomh phrograman anns a bheil i an sàs, ‘Mary Ann Kennedy’s Global Gathering’ do BhBC Radio Alba, far a bheil a h-eòlas mar neach-ciùil na bhunait air mar a tha i a’ lìbhrigeadh a’ phrogram. “Tha mi an còmhnaidh a’ cluinntinn stuth ùr ann a tha dùsgadh mo mhacmeanmna, agus tha mi smaoineachadh gur e an t-adhbhar a tha mi math air an rud a tha mi dèanamh a thaobh obair-craolaidh, gu bheil mi a’ bruidhinn mar neach-ciùil a’ faighinn tlachd à ceòl neach eile.”

Do Mhairi Anna, ‘s e toradh linntean mòra de dhualchas nan Gàidheal a th’ aig Cliar. Tha e riatanach ge-tà nach ann a-mhàin a’ coimhead air ais a tha iad – dhìse, tha àite aig a’ cheòl seo san latha an-diugh agus tha feallsanachd a’ chòmhlain bunaichte san linn ùir seo. Tha an còmhlan ag amas air an dualchas seo a thoirt fa chomhair luchd-èisteachd de dh’ioma seòrsa – sean, òg, Gàidheal no Gall. Agus ged a chaidh na h-òrain seo a shìneadh a-nuas bho linn gu linn, tha Cliar a’ toirt rudeigin a bharrachd às ùr do gach òran – gan togail à ceò na h-eachdraidh agus gan stèidheachadh gu cinnteach san lath’ an-diugh.

“Tha sinn uaireannan a’ dèiligeadh le seann òrain nach eil cho tric air an cluinntinn an-diugh, ach chan ann a’ coimhead an comhair ar cùil a tha sinn. Bidh sinn a’ coimhead airson fuinn aig a bheil sgeulachd inntinneach no rudeigin a tha toirt oirnn èisteachd – mar sin tha fios againn an uairsin gum bi sinn air chomas fhaighinn tarsaing gu luchd-èisteachd an lath’ an-diugh. Tha e cuideachd gu math riatanach dhomhsa gu bheil Gàidhlig aig grunn de bhùill a’ chòmhlain. Chan ann a-mhàin airson seinn òran a tha a’ chànan, tha i mar phàirt de gach nì as a bheil sinn an sàs. Tha i mar bhunaid a’ chòmhlain – chan e fasan a theicheas a th’ innte leinn, tha i mar phàirt dhinn.

“Anns gach giog anns a bheil mi sàs, tha mionaid ann uaireigin, an àiteigin, far am bi mi smaoineachadh rium fhìn, nach fortanach mise g’ eil mi air chomas beòshlaint a dhèanamh mar seo. Agus tha e cho cudromach gun do roghnaich an còmhlan gu lèir a bhith a’ còmhnaidh air Ghàidhealtachd ‘s anns na h-Eileanan. Chan urrainn sgaradh a dheanamh eadar na daoine, an ceol san tìr.”

 

 

Art MacCarmaig – Arthur Cormack

Tha ainm aig Art MacCarmaig mar sàr-sheinneadair Gàidhlig a ghinealaich. Fear a bhuinnig Bonn Òr a’ Chomuinn Ghàidhealaich, tha e air òrain Ghàidhlig a thoirt air feadh an t-saoghal bhon uairsin. Tha dìlseachd Art dhan Ghàidhlig – cànan, cultur, dualchas is òrain – air far-ainm a chosnadh dha mar ‘an duin’ as trainge san Eilean Sgiathanach’.

Nuair nach eil e air àrd-ùrlar le Cliar, tha raon dhleastanasan air – a’ ruith companaidh clàraidh Mhacmeanmna, ag obair mar stiùiriche ionad-turasachd is ealan Àrois ann am Port Rìgh, agus a’ stiùireadh Fèisean nan Gàidheal, a’ bhuidheann a tha toirt taic do dh’fhèisean air feadh Alba a tha tathann cothroman ionnsachaigh is cluiche sna h-Ealain Ghàidhlig do dh’òigridh. Tha e cuideachd air Bòrd Chomhairle nan Ealan an Alba.

Bha gràdh aig Art air ceòl Gàidhlig riamh bho òige. Bhiodh a bhràithrean ‘s a phiuthair ag èisteachd ri stuth ris am biodh dùil do dheugairean, ach b’ ann air taobh eile a bha ùidh Art a’ laighe a thaobh ciùil. “’S e creutair car annasach a bh’ annam nam phàiste”, tha e ag ràdh. “Bhiodh mo bhràithrean an còmhnaidh ag èisteachd ri ceòl pop, ach b’ e ceòl Gàidhlig a bha còrdadh riumsa. A’ coimhead air ais a-nise, chan eil fhios gu dè bu choireach, ‘s e dìreach gun robh an t-seinn a’ còrdadh rium cho mòr.”

Ghluais e bho èisteachd gu seinn e fhèin, agus bhiodh e minig is tric air àrd-ùrlar na ghille òg. “’S e a’ chiad chuimhn’ a th’ agam de bhith seinn do luchd-èisteachd, seinn aig a’ Mhòd Ionadail ann am Port Rìgh nuair a bha mi seachd bliadhna dh’aois. Tha seann thalla sa bhaile – Talla Cuimhneachaidh Bhlack – agus tha cuimhn’ a’m gun robh an t-eagal mòr orm. ‘S e rud mòr a bh’ ann do ghille beag.”

B’ e a phàrantan a bhrosnaich e na sheinneadair òg. “Bhiodh mo phàrantan a’ toirt orm dol a-mach gu cèilidhean san sgìre fad an t-siubhail. Bha seinneadairean Mòid ann an teaghlach mo mhàthar – bhiodh iad a’ farpais ann am Mòdan gu math tric, agus bha mo mhàthair cuideachd ann an còisir Ghàidhlig.” Bha buaidh mhòr cuideachd aig còmhlain Gàidhlig leithid Runrig air, daoine a’ bha togail cliù a’ chànain ‘s a’ chiùil am measg luchd-èisteachd ùr.

Às dèidh dha am Bonn Òr a chosnadh aig a’ Mhòd Nàiseanta ann an 1983, chuir Art seachad mòran ùine air chuairt air feadh an t-saoghail le Blàr Dùghlas às a’ Bhràighe san Eilean, sgrìobhaiche-ciùil agus cluicheadair a’ bhocsa ‘s a’ phiàna, agus cuideachd a’ seinn leis a’ chòmhlan, Mactalla. Lean e air nuair a stèidhich e fhèin is Mairi Anna NicUalraig ciad dreach dhen chòmhlan Cliar, le Blàr agus Chaz Stiùbhart, cluicheadair ainmeil a-thaobh giotàr acustach is dealain. An-diugh tha ballrachd a’ chòmhlain car atharraichte, ach tha na sgilean-ciùil cho geur ‘s a bha iad riamh.

Do dh’Art, ‘s e cothrom a th’ann an Cliar a’ chuid as fheàrr de cheòl is òrain nan Gàidheal a thoirt gu muinntir na h-Alba agus thall-thairis. Mar sheinneadair, tha e cuideachd a’ faighinn tlachd às a’ chothrom a bhith seinn an co-sheirm le seinneadairean eile. “Tha e a‘ còrdadh rium oir, ged a bha mi faighinn tlachd à bhith seinn leam fhìn no còmhla ri Blàr, tha e math dha-rìreabh dithis na triùir sheinneadair fhaighinn còmhla. Tha muinntir nan inneal sa chòmhlan air leth buileach, ach tha uiread a neart anns na seinneadairean. Tha e fìor chòrdadh rium a bhith a’ seinn cuide ri Mairi Anna, Magaidh is Ingrid.”

“Tha e riatanach cuideachd nach bi còmhlan a-mhàin a’ deiligeadh ri seann stuth, no fiù’s ceòl ùr a-mhàin. Bidh Cliar ag amas air an dà chuid – sean is ùr. Tha cuid dhe na h-òrain againn a’ dol air ais dha na 1600an ‘s na 1700an, ach tha cuid eile gu math nas ùire. A’ coimhead san fharsaingeachd cuideachd, tha cruaidh fheum aig a’ Ghàidhlig air còmhlain leithid Chliar, far a bheil àite cho làidir aig seinn Gàidhlig sa cheòl. Tha e a’ brosnachadh dhaoine gus pàirt a ghabhail agus a dhol an sàs ann an òrain Ghàidhlig.”

 

 

 

Ingrid NicEanruig – Ingrid Henderson

Nochd Ingrid sa chòmhlan ann an 1999 a chluich piàna, clàrsaich is a sheinn taic. Tha sgilean-ciùil tè Mhallaig freumhaichte anns an dualchas tro chothroman a’ sìneadh air ais gu h-òige. “Bha ceòl riamh san teaghlach, is b’ann ann a shin a thòisich gnothaichean. Bha mo phàrantan riamh dèigheil air ceòl, agus bha iad an còmhnaidh a’ brosnachadh an teaghlaich gu lèir a bhith sàs ann.”

Aig aois sia, thòisich Ingrid air a’ phiàna tro leasain bho seanmhair, agus thòisich i air a’ chlàrsaich bliadhna an dèidh sin. Le stiùireadh bho ainmean mòr ciùil leithid Savourna Stevenson agus Aonghas Grannd, thàinig i air adhart gu luath. Aig aois 14, bha i sàs sa chiad chlàr aice le a bràthair Ailean (à Blazin Fiddles), is bha an uairsin dàrna clàr ann le còmhlan a chur iad air bhonn, Train Journey North.

B’ ann na deugaire òg cuideachd a bhuinnig i farpais mhòr BBC Radio 2 – Young Tradition – agus ghabh i ceum mòr gu ruige beatha ciùil proifeiseanta ri linn. “Euchd mòr a bh’ ann aig an àm – agus chuidich e gu mòr ann a bhith faighinn cothroman-cluiche aig fèilltean mòra eadar-nàiseanta leithid Sidmouth, Bhancùbhar agus Dranouter.”

An deidh an duais fhaighinn, bha Ingrid gu math trang air an àrd-ùrlar, air chuairt agus ag obair gu dlùth le a bràthair gus grunn chlàir a thoirt a-mach. Bhon uairsin, tha i minig is tric air obair an co-bhuinn ri luchd-ciùil eile, agus a bharrachd air a bhith na ball de Chliar, tha i ag obair gu tric le Anna Mhàrtainn, seinneadair às an Eilean Sgitheanach.

Tha Ingrid cuideachd an sàs ann an iomadh seòrsa obrach co-cheangailte ris na h-Ealain Ghàidhlig – mar stiùiriche-ciùil, sgrìobhaiche agus a’ teagasg bho àm gu àm aig Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd sa Phloc, agus aig Ionad Èireannach Ceòl na Cruinne. Tha an dòigh thlachdmhor a th’ aice le ceòl-taic a’ fàgail gu bheil iarrtas mòr ann air a sgilean mar neach-taic seisein.

Chaidh a’chiad chlàr aon-neach aig Ingrid, ‘The Little Beauty’, air a cho-riochdachadh le Domhnall Seadha (Capercaillie), a thoirt a-mach san t-Sultain 2005 leis a’ chompanaidh-clàraidh, Old Laundry Productions, a stèidhich i fhein ‘s an duin’ aice, Iain MacPhàrlain.

Tha ùidh aig Ingrid ann an iomadh seòrsa ciùil – is tha i cheart cho buailteach èisteachd ri muinntir an dualchais san sgìre aice fhein ann a Lochabar, ‘s a tha i ri luchd-ciùil traidiseanta eile agus luchd-ciùil pop is roc. “Bidh mi ag èisteachd ri raon farsaing de cheòl airson amas air an fharsaingeachd sin fhaighinn dhan cheòl agam fhìn,” ars ise. “Ach tha mi an còmhnaidh a’ tilleadh dhan stuth traidiseanta – sin as dlùithe dham chridhe. Tha uidhir a’ tachairt an-diugh san dualchas a tha math is adhartach, ach tha mi an làn-dùil gu bheil an t-uamhas ann fhathast ri dhèanamh le stòras mòr nan òran Gàidhlig ‘s a’ chiùil Ghàidhealaich.

“Tha mòr-speis aig gach duin’ againn sa chòmhlan dhan dhualchas a tha sinn cho fortanach a bha mar phàirt dher n-àrach, ach aig an aon àm, chan eil eagal oirnn a thoirt a-steach dhan linn seo, a dhèanamh tarraingeach do luchd-èisteachd an lath’ an-diugh.”

 

 

 

Ros Màrtainn – Ross Martin

Tha fear a’ ghiotàir aig Cliar – Ros Màrtainn – cho trang ri duine sam bith ann an saoghal ciùil na h-Alba, leis na còmhlain aige agus mar neach-taic seisein.

Thòisich e air cluich leis a’ chòmhlan trì bliadhn’ air ais, ach tha e air a bhith cluich fad bhliadhnaichean mòra le Ingrid NicEanruig bhon chòmhlan, agus a bràthair, Ailean. Tha e cuideachd a’ nochdadh air cuid de phrìomh chlàir a’ chiùil seo, leithid clàr Julie Fowlis, ‘mar a tha mo chridhe’, agus tha e cluich le dà chòmhlan eile cuideachd – Harem Scarem agus Dàimh.

Thog Ros giotàr na làimh son a’ chiad turas nuair a bha e deich bliadhna a dh’aois, san sgoil an Àrasaig. “Air adhbhar air choireigin, chan eil fhios a’m carson , bha mi riamh airson a’ ghiotàir a chluich. Fhuair sinn giotàr ann an leasan ciùil san sgoil aon latha, agus b’ e sin e an uairsin.”

Ged nach do thogadh e ann an teaghlach ceòlmhor, bha e ann an nàdar Rois ceòl a dhèanamh. “Cha robh ceòl aig duine san teaghlach ach mo sheanair – bhiodh e cluich na fìdhle ach cha chuala mi e riamh a’ cluich,” ars esan.

Bha do spionnadh aig Ros na thug air obair leis fhèin airson a sgilean a thoirt air adhart. “Aon uair ‘s gun d’ fhuair mi giotàr dhomh fhìn, bha mi ag ionnsachadh leam fhìn,” tha e ‘g radh. “B’ e pop is stuth roc is roll a bh’ann son a’ mhòr-chuid – na Rolling Stones, Led Zeppelin, daoine mar sin.”

B’ e taghal air fèill-reic ann an talla na sgìre a thug air Ros smaointinn gum faodadh e na sgilean giotàir a chur gu feum air innealan-teuda eile. “Thòisich mi air a’ mhandoilin às deidh fear fhaighinn san fhèill-reic air leth-cheud sgillinn a-mhàin,” arsa Ros. “Fhuair mi teudan air a shon agus dh’iarr mi air fear ann an còmhlan faisg oirnn an rud a chur air ghleus.” Ged nach eil ceist ann ach gur e an giotàr an t-inneal as fheàrr leis, b’ e am mandoilin a fhuair a’ chiad chuirm dha. “Dh’ionnsaich mi port no dhà air a’ mhandoilin agus chluich mi giog airson a’ chiad turas le còmhlan bhon sgìre, A Scatter of Halves, ann an taigh-òsta Àrasaig nuair a bha mi ceithir bliadhn’ deug.”

B’ e a’ chiad ghiog a bha seo, cuideachd a’ chiad cheum mar neach-ciùil traidiseanta. “Bha ceòl traidiseanta riamh air còrdadh rium – ach cha robh mi air smaoineachadh air a’ ghiotàr a chleachdadh mar phàirt dheth. Bha mise an dùil gun robh barrachd gnothaich aige ri leithid fidheal is piob.”

Mar a chaidh na sgilean am feabhas, nochd cothroman cluiche bho cheàrnaidhean gu math annasach. “Bha mi ann an clas-ciùil leis na gillean bho chòmhlan eile, agus thachair gun robh tubaist aig fear a’ ghiotàir aca is chaidh a chorrag a ghearradh dheth, ‘s mar sin dh’iarr iad ormsa cluich còmhla riutha.”

Nuair nach robh e a’ cluich ann an còmhlain no ga theagasg fhèin, bhiodh Ros a’ cur seachad ùine a’ cur loinn air ceòl-taic fuinn is òrain. “Dh’fhaodainn ‘s dòcha fonn jazz a thogail is chuirinn seachad lathaichean mòra ga ionnsachadh ‘s ga chur air dòigh, oir tha mi faighinn uidhir a thlachd às an obair sin, a’ cheart cho math ris a’ cheòl fhèin a chluich.”

Ged as e ceòl roc is pop anns an robh Ros an sàs na dheugaire, ‘s e òrain Ghàidhlig agus ceòl traidiseanta an ceòl as fheàrr leis.“ Bha mi riamh dèigheil air ceòl Gàidhlig” ars esan. “’S fìor thoigh leam a bhith ‘g eisteachd ri òrain Ghàidhlig, co-dhiù le còmhlan no seinneadair nan aonar. Tha an guth ann an òrain Ghàidhlig fada nas coltaiche ri inneal-ciùil na seòrsaichean seinn eile.”

Do Ros, tha an obair le Cliar mar chothrom air innse do dhaoine mu dhualchas, cultur is eachdraidh na Gàidhlig, agus an dùthaich as an tàinig i beò.“ Tha seinneadairean is luchd-ciùil mìorbhaileach againn ann an Cliar, agus tha fèin-mhisneachd agus dòigh nàdarrach aca uile san dòigh sa bheil iad a’ cur thairis a’ chiùil.

“Bidh Cliar a’ taghadh òrain, agus a’ toirt sùil às ùr orra, gan seinn ann an dòigh ùr, dòigh a sheasadh an coimeas ri dòigh ciùil bho àite sam bith eile fon ghrèin. Tha mise airson gun tèid barrachd spèis a thoirt do cheòl traidiseanta – agus tha Cliar mar phàirt làidir dhen iomairt sin. Tha sinn moiteil às ar dualchas, ar cultur agus às ar cuid chiùil mar phàirt bhunaiteach dhinn fhìn agus dher dùthcha.”

 

 

Eachann MacEanruig – Hector Henderson

‘S e neach-ciùil uaraidh math a th’ann an Eachann MacEanruig – a’ cluich na pìoba a cheart cho math ris an fhìdeig. Buinnidh e do Phort Rìgh san Eilean Sgitheanach, is rugadh is thogadh e ann an teaghlach lan ciùil. Mac neach-ciùil ainmeil eile, Alasdair, thòisich e air a’ phìob ‘s gun e ach naoi bliadhn’ a dh’aois, ginealach ùr ciùil a’ leantainn air linntean roimhe.

“B’ e mo theaghlach a bhrosnaich mi gu ceòl – tha cuimhn’ a’m a bhith ‘g èisteachd ri bràthair m’ athair – agus b’e sin a thug orm ionnsachadh mi fhìn. B’ ann le mo shinn-sheanair a bha a’ phìob a th’ agam an toiseach. Bha i an uairsin aig mo sheanair agus fhuair mise bho m’ athair i.” Mar a thàinig e air adhart, thòisich e le còmhlan pìoba na sgìre agus le còmhlan pìoba òigridh an airm.

Bha e ‘g obair ann an gàradh-shoithichean treis às dèidh an sgoil fhàgail, ach b’ e ceòl a fhuair làmh an uachdair is chaidh e a dh’Acadamaidh Rìoghail na h-Alba son Ciùil is Dràma, ag ionnsachadh pìob, fìdeig is bocsa a bharrachd. Nuair a cheumnaich e, lean e air adhart ag obair làn-uine mar neach-ciùil. Chuir e còmhlan air bhonn, na “Harris Tweed Brogues”, thòisich e air teagasg aig fèisean, agus bidh e cuideachd ag obair le cloinn air feadh na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean mar phàirt de dh’Iomairt Ceòl Òigridh an riaghaltais.

Tha brosnachadh ciùil a’ tighinn bho iomadh ceàrnaidh – bho theaghlach agus bho dhualchas Èirinn is taobh siar na h-Alba. “A thaobh pìobaireachd, bidh mi coimhead ri triùir bhràithrean Ghlinn Uige – Aonghas, Ailean is Iain. Ach mar as motha a tha thu an sàs ann an ceòl, ‘s ann as motha a tha deifir seòrsaichean ciùil gad phiobrachadh. ‘S fheàrr leam a bhith maille ri cleachdaidhean pìobaireachd an taoibh siar, ach nuair a tha mi cluich na fìdeig, bidh mi ‘g atharrachadh ghnothaichean ‘s a coimhead ri dualchas na h-Èireann. ‘S fheàrr leam a bhith cho Gàidhealach ‘s a ghabhas.”

Do dh’Eachann, tha Cliar a’ riochdachadh a’ chuid as fheàrr de dhualchas agus de cheòl nan Gàidheal – na sgeulachdan air chùl nan òran, an eachdraidh agus na faireachdainnean a tha nan luib. Bidh an còmhlan a’ trusadh sin uile còmhla agus gan lìbhrigeadh as ùr air an àrd-ùrlar no anns an stiùidio, beò is beothail, agus tur ceòlmhor. “Tha ar dualchas Gàidhlig gu math dlùth rium. Chaidh mo thogail san dualchas, ach le Cliar, bidh sinn a’ feuchainn ri greimeachadh air cuid dhen dualchas a tha sin, ‘s ga thoirt beò às ùr. Tha an còmhnaidh sgeulachd air chùl gach òran a tha sinn a’ seinn – agus mar as trice tha thu air do bheò-ghlacadh leotha.”

[English]